当前位置:首页 > 歌词大全 > Tha Mo Ghaol Air Aird a' Chuain (My Love Is On the High Seas)歌词
  • Feasgar ciùin an tùs a' Chèitein
    Nuair bha 'n ialtag anns na speuran
    Chualaim rìbhinn òg 's i deurach
    Seinn fo sgàil nan geugan uain
    Bha a' ghrian 'sa chuan gu sìoladh
    'S reult cha d' èirich anns an iarmailt
    Nuair a sheinn an òigh gu cianail
    “Tha mo ghaol air àird a' chuain”
    Thòisich dealt na h-oidhch' ri tùirling
    'S lùb am braon gu caoin na flùrain
    Shèid a' ghaoth 'na h-oiteig chùbhraidh
    Beatha 's ùrachd do gach cluan
    Ghleus an nighneag fonn a h-òrain
    Sèimh is ciùin mar dhriùchd an g-mhìos
    'S bha an t-sèisd seo 'g èirigh 'n còmhnaidh
    “Tha mo ghaol air àird a' chuain”
    Chiar an latha is dheàrrs' na reultan
    Sheòl an rè measg neul nan speuran
    Shuidh an òigh, bha 'bròn 'ga lèireadh
    'S cha robh dèigh air tàmh no suain
    Theann mi faisg air reult nan òg-bhean
    Sheinn mu 'gaol air chuan 'bha seòladh
    O bu bhinn a caoidhrean brònach
    “Tha mo ghaol air àird a' chuain”
    Rinn an ceòl le deòin mo thàladh
    Dlùth do rìbinn donn nam blàth-shul
    'S i ag ùrnaigh ris an rd-Rìgh
    “Dìon mo ghràdh 'th' air àird a' chuain”
    Bha a cridh' le gaol gu sgàineadh
    Nuair a ghlac mi fhèin air làimh i
    “Siab do dheòir, do ghaol tha sàbhailt
    Thill mi slàn bhàrr àird a' chuain”
  • [00:10.31]Feasgar ciùin an tùs a' Chèitein
    [00:14.64]Nuair bha 'n ialtag anns na speuran
    [00:19.54]Chualaim rìbhinn òg 's i deurach
    [00:23.67]Seinn fo sgàil nan geugan uain
    [00:28.81]Bha a' ghrian 'sa chuan gu sìoladh
    [00:34.25]'S reult cha d' èirich anns an iarmailt
    [00:39.02]Nuair a sheinn an òigh gu cianail
    [00:43.76]“Tha mo ghaol air àird a' chuain”
    [00:50.41]Thòisich dealt na h-oidhch' ri tùirling
    [00:54.60]'S lùb am braon gu caoin na flùrain
    [00:59.61]Shèid a' ghaoth 'na h-oiteig chùbhraidh
    [01:03.71]Beatha 's ùrachd do gach cluan
    [01:09.21]Ghleus an nighneag fonn a h-òrain
    [01:13.38]Sèimh is ciùin mar dhriùchd an g-mhìos
    [01:18.14]'S bha an t-sèisd seo 'g èirigh 'n còmhnaidh
    [01:22.69]“Tha mo ghaol air àird a' chuain”
    [01:29.19]Chiar an latha is dheàrrs' na reultan
    [01:33.09]Sheòl an rè measg neul nan speuran
    [01:38.56]Shuidh an òigh, bha 'bròn 'ga lèireadh
    [01:42.60]'S cha robh dèigh air tàmh no suain
    [01:47.83]Theann mi faisg air reult nan òg-bhean
    [01:51.98]Sheinn mu 'gaol air chuan 'bha seòladh
    [01:57.69]O bu bhinn a caoidhrean brònach
    [02:01.99]“Tha mo ghaol air àird a' chuain”
    [02:09.07]Rinn an ceòl le deòin mo thàladh
    [02:13.04]Dlùth do rìbinn donn nam blàth-shul
    [02:18.92]'S i ag ùrnaigh ris an rd-Rìgh
    [02:23.46]“Dìon mo ghràdh 'th' air àird a' chuain”
    [02:29.30]Bha a cridh' le gaol gu sgàineadh
    [02:33.75]Nuair a ghlac mi fhèin air làimh i
    [02:39.25]“Siab do dheòir, do ghaol tha sàbhailt
    [02:44.27]Thill mi slàn bhàrr àird a' chuain”